Back to courses

A’ teagasg mu bhiadh: carson, dè agus ciamar (Alba)

£195

Teaching Courses

Teaching

Cùrsa do thidsearan bun-sgoile ann an Alba

Course not yet started.

1.
Biadh ann an sgoiltean
45 minutes
Fios mun dòigh-obrach trèanaidh air-loidhne agus mu na prìomh sgrìobhainnean airson teagasg mu bhiadh ann an sgoiltean.
2.
Tùs a’ bhìdh
60 minutes
Coimhead air cò às a tha biadh a’ tighinn agus air cuid de na pròiseasan gus biadh a dhèanamh.
3.
Ithe fhallain
60 minutes
Ag ionnsachadh mu Leabhar-iùil Eatwell, na buidhnean bìdh, na prìomh-theachdaireachdan agus mu bhith ga chur an gnìomh.
4.
Beathachadh
60 minutes
A' tòiseachadh air lùth, mathachasan, freumhagan agus na diofar fheumalachdan a thaobh beathachaidh tron bheatha.
5.
Beathachadh gnìomhach
30 minutes
A’ cleachdadh eòlas mu bheathachadh gus biadh a phlanadh is ullachadh a tha a’ cur ri daithead fhallain is fharsaing.
6.
Sàbhailteachd bìdh
40 minutes
A’ stiùireadh sàbhailteachd bìdh agus slàinteachas anns a’ chlas
7.
Còcaireachd
60 minutes
A’ stiùireadh is ag ullachadh an t-seòmar-sgoile agus na sgoilearan airson leasanan bìdh a tha sàbhailte, practaigeach agus feumail.
8.
A’ teagasg
20 minutes
A’ planadh dòigh-obrach adhartach mu bhiadh airson na sgoile air fad.

Complete the course to access the final assessment.

Course details

Fios mun chùrsa

Chaidh an cùrsa seo a chruthachadh gu sònraichte airson tidsearan na bun-sgoile no daoine a tha a’ trèanadh airson a bhith nan tidsearan bun-sgoil. Tha e stèidhichte air riatanasan Curraicealam airson Sàr-mhathais agus air Bun-chomasan airson clann is òigridh aois 5 gu 16, cho math ris an sgrìobhainn stiùireadh bho Public Health England gus taic a chumail ri luchd-teagaisg na bun-sgoile a tha a’ toirt seachad foghlam bìdh ann an sgoiltean air a bheil, Food in primary schools: a framework of knowledge and skills.

Tha àiteachan saor ’s an-asgaidh rim faighinn - Ma tha thu a’ teagasg ann am bun-sgoil ann an Alba no ma tha thu a’ trèanadh airson a bhith nad thidsear bun-sgoile, faodaidh tu clàradh gus an cùrsa seo a chleachdadh saor ’s an-asgaidh. Briog an seo gus clàradh.

Tha an cùrsa a’ coimhead air:

Modal 1: Biadh ann an sgoiltean
Modal 2: Tùsan bìdh
Modal 3: Ithe fhallain
Modal 4: Beathachadh
Modal 5: Beathachadh gnìomhach
Modal 6: Sàbhailteachd bìdh
Modal 7: Còcaireachd
Modal 8: A’ teagasg
Tha measadh goirid anns gach modal, a’ toirt fios air ais dhut mun adhartas agad.

Thèid teisteanas pearsanta bho BNF a chruthachadh nuair a tha thu air soirbheachadh anns a’ mheasadh mu dheireadh. (Faodar am measadh mu dheireadh ath-ghabhail ma thogras tu).

Bheir e mu 5-7 uairean an cùrsa a dhèanamh ach cha ruig thu leas a dhèanamh uile aig an aon àm. Faodaidh tu an cùrsa a dhèanamh aig an astar agad fhèin - chan eil crìoch-ama ann.

Tha na beachdan agad cudromach dhuinn agus chuireamaid fàilte air beachd sam bith a chuireas tu thugainn. Faodaidh tu fios a chur thugainn tron phost-d air postbox@nutrition.org.uk

Taing

Tha BNF taingeil do na buidhnean a leanas a tha air taic a thoirt seachad tro ùine an luchd-obrach gus an cùrsa seo a dhèanamh: Agriculture Horticulture Development Board, Associated British Foods, Kellogg’s, Ingredion UK Limited, M&S, Morrisons, Nabim agus Warburtons. Chaidh an t-susbaint a sgrìobhadh le BNF a-mhàin.

Chaidh an cùrsa seo eadar-theangachadh dhan Ghàidhlig le taic-airgid bho Bhòrd na Gàidhlig.

Certification details

Fios mun teisteanas

Aig deireadh a’ chùrsa, gheibh thu teisteanas pearsanta bhon British Nutrition Foundation a’ dearbhadh gun do chuir thu crìoch air a’ chùrsa.

A thaobh leasachadh proifeiseanta, tha an cùrsa seo a’ cumail taic ri: